Aon fheasgar ciùin samhraidh an uair a bha obair an latha seachad chaidh mi a ghabhail cuairt ri taobh na mara. Bha gach ni cho sàmhach mun cuairt is gun saoileadh neach gu robh gach creutair beò 'n a chadal.
Bha na craobhan a' snàmh gu fann anns a' ghaoith agus bha na h-eòin bheaga an déidh an cinn a phasgadh fo an sgiathan.
Ghabh mi romham gus an do ràinig mi geodha mór anns an robh eathar no dhà air an tarruing suas air a' mhol. Bha triùir no ceathrar de bhalaich bheaga 'n an suidhe fagus daibh. Chaidh mi sìos far an robh iad agus thòisich sinn ag còmhradh.
"Ciod e naidheachd nan gillean beaga an diugh?" arsa mise. Rinn am fear bu lugha dhiubh gàire, ach fhreagair am fear bu mhotha: "Chan 'eil naidheachd idir."
"Is math an naidheachd a bhith gun naidheachd idir," fhreagair mi fhéin, "ach c'arson nach 'eil sibh a' dol a mach leis an eathar ghrinn sin?" Las sùilean an fhir bhig. "Tha i ro throm," ars esan, "agus chan urrainn dhuinn a cur chun na mara."
"So! So! ma ta," arsa mise is mi a' breith air toiseach an eathair, "a mach leatha!"
Leum na fir air an casan agus is ann an sud a bha an sgoinn gus an d'fhuair sinn an t-eathar air bhog. Leum sinn a steach, fear an déidh fir; thug am fear beag cruinn-leum sìos do'n deireadh agus ghlaodh e àird-a-chlaiginn. "Is mise an sgiobair!"
"Ceart gu leòr," arsa mise, "ciod e ni sinn ma ta?"
"Cuir a nuas an ràmh beag sin gu Murchadh."
"So dhuit sud, a Mhurchaidh."
"A Sheumais," arsa an sgiobair gu duineil, "gabh thusa an ràmh eile."
"Sin thu!", arsa mise, "ach ciod e tha mise dol a dheanamh?"
"Suidhibh air an tobhta sin an dràsda ma's e bhur toil e; rinn sibhse obair gu leòr mar tha, agus chan fhaod sibh an còrr a dheanamh."
"Cha do rinn mise ni sam bith fhathast."
"O! rinn; nach do chuir sibh a mach an t-eathar dhuinn! Mur b'e sibhse cha bhitheadh sinn an so idir."
Lean na gillean rompa gus an do chuir iad cuairt air a' bhàgh, agus is ann aca fhéin a bha an làmh air an iomradh. An uair a chuir sinn ar n-aghaidh air a' chladach thòisich an sgiobair beag a' fàs anabarrach mear; dh'éirich e 'n a sheasamh, thòisich e a' leum bho thobhta go tobhta mar gum biodh long-chogaidh air a chùram.
"Ciod e tha ceàrr ort?" arsa mise. "Nach dean thu suidhe!"
"O! cha shuidh mi idir," fhreagair e, "chan urrainn mi. Feumaidh mise an t-eathar a thoirt sàbhailte chun a' chladaich." Thòisich càch a' gàireachdaich.
"Iomair, a Sheumais," ars an sgiobair. "Cum fodha, a Mhurchaidh, cum fodha! Le chéile, a nis, le chéile."
Bha e shuas anns an toiseach agus thionndaidh e agus leum e a sìos chun an deiridh, ach gu mi-fhortanach cha do ràinig a chas air an tobhta agus thuit e an coinneamh a chinn a mach air taobh an eathair.
"Mo chreach!" arsa Seumas, is e ag éirigh 'n a sheasamh. Dh'éirich am fear beag agus thòisich e a' plumadaich aig deireadh an eathair. Shìn mi a mach mo làmh agus rug mi air a ghualainn agus thog mi a steach e.
An uair a sheas e air an tobhta is a chrath e e fhéin thubhairt mi ris, "Seadh, fhir bhig, is neònach an sgiobair thu a nis."
"Coma leibh! Coma leibh!" ars esan, "cha mhór is fhiach an sgiobair nach bi fliuch uair-eigin -- Cum fodha, a Sheumais! A Mhurchaidh! Le chéile! Bhuail i! Mach á so!"
-- sgeul bho "Am Feachd Gaidhealach" (1944)