Oidhche Shamhna
le Catrìona Ghrannd
So mar a chum sinn oidhche Shamhna anns an tigh againne.
Bha seachdnar againn ann de chloinn, a' cunntas Annaig agus Iain bhig as an tigh bu dlùithe dhuinn. Thòisich sinn leis na cnothan. Bha iad cheana faoisgte, agus bha teine gasda air, an uair a shuidh sinn mun cuairt an teallaich. Bha a h-aon mu seach dhinn a' faighinn cothruim dithis de na cnothan ainmeachadh, agus an cur còmhla anns a' ghrìosaich. An uair a' loisgeadh iad gu sàmhach réidh, theireamaid, "Seadh, seadh, tha iad sin a' dol a phòsadh!" Ach nan toireadh aon diùbh duibh-leum gu taobh eile a' ghealbhain, dh' éireadh a' ghàir, "Chan 'eil iad a' dol a chòrdadh!" Air dhuinn a h-uile gille is nighean anns an sgìreachd a losgadh air a' mhodh so, sguir sinn de na cnothan.
B'e an ath chleas slat a chrochadh air sreing o mhullach an t-seòmair. Bha coinneal laiste ri bhi air a ceangal gu diongmhalta ri aon cheann di, agus sgonn arain, spuaichte le dràbhag siùcair (treacle) aig a' cheann eile. Bhac ar màthair a' choinneal, air eagal gun loisgeadh a' chlann bheag iad fhéin; air an aobhar sin chroch sinn ubhal 'na h-aite. Chroch ar n-athair an t-slat gu cothromach o dhubhan am mullach an t-seòmair; cheangail ar màthair ar làmhan air ar culaibh, chuireadh car ealamh de'n t-slait, agus ruith sinn uile mun cuairt le beoil fhosgailte, a' feuchainn ri greim fhaighinn air an ubhal no air an aran.
Dh' fhosgail dorus an t-seòmair, thàinig Dìleas, an cù-chaorach mór dubh, a steach 'n a leum, agus saoil an robh aon againn a bha cho dian ri Dìleas a' feuchainn ri beirsinn air an ubhal. Is ann a sheas sinn a leth-taobh a dh' amharc air. Rinn e greim air an ubhal, chuir e air an ùrlar e, agus sheas e a' feitheamh gus an crochamaid air ais e. Rinn sinn sin, agus sheas sinn gus an robh sinn sgìth, oir bha barrachd spuirt ann a bhi coimhead air Dìleas na a bhi a' ruith an ubhail sinn fhéin.
Thugadh an sin a' mheasair mhór a steach làn uisge, agus na h-ùbhlan a' snàmh innte. Chum sin sinn sona, fliuch, car ghreis, agus fhuair gach aon na bha a dhìth air de na h-ùbhlan.
'Na dhéidh sin chaidh trì truinnsearan dinnearach a chur 'nan sreath air an ùrlar. Bha aon ann làn de uisge glan, aon le uisge glas-neulach, agus aon falamh. Chuireadh neapacainn thairis air sùilean aon againn aig aon àm -- mar air son dallan-dà -- agus chaidh na truinnsearan atharrachadh. Thòisicheadh an dall air smàglum air feadh nan truinnsearan, an imcheist cia dhiùbh anns an cuireadh e a làmh. Thigeadh spreadhadh de ghàire mhir an uair a rachadh an làmh anns an truinnsear fhalamh; cha bhiodh e an dàn do'n aon sin pòsadh idir!
Air dol troimh an deuchainn so, thàinig an dearbhadh mu dheireadh. Bha furm air a chur air meadhon an ùrlair. Air an fhurm bha poit dhubh thrì-chasach làn de bhuntàta pronn, beartach le ìm is bainne, air am plocadh gu grinn. Bha fàinn ar màthar ann, bonn shè sgillinn, agus putan. Agus nach b' i sin an fharpuis; gach aon a' feuchainn có a gheibheadh am fàinn no am bonn airgid!
--------------------------------
Leabhraichean Sgoile Gàidhlig
Leabhar II
air a dheasachadh le Dòmhnall Mac a-Phí
Blackie agus a Mhac, ltd., Glaschu, 1923