"Is blianach Nollaig gun sneachd," ars an sean-fhear; ach cha 'n ann mar sin a bha 'n Nollaig air am bheil sinn ag iomradh an ceartair. Tharruing a' Bheinn Mhór a falluinn m'a ceann mu 'n robh an t-Samhainn ach òg; is mu 'n deach an geamhradh dubh 'na thigh, bha na sraithean fhéin air an còmhdach le sròl de shneachdadh tioram, geal. Bha 'n tìr uile an greim dhainginn aig an reothadh chruaidh, a chuir stad air mireig nan tonn, air gach loch is lochan, le sgàil-bhrat tiugh de dheigh. Cha chluinnteadh am beul gach neach ach: "Nach i 'n t-sìd nàdurra, ghasd' i? Tha so coltach ris na sean gheamhraidhean." Bha 'naidheachd fhéin aig gach aon bu shine na chéile, air na làithean a dh'aom -- samhraidhean bu bhlàithe 's geamhraidhean a b'fhuaire. Ach bha 'n geamhradh so tort 'nan cuimhne làithean an òige na b' fheàrr na iomadh geamhradh greis roimhe sud.

Seadh! Bha 'n t-sìd ann; ach, mo chreach! cha robh móran de na cleachdainnean. Dh'fhalbh iad sud còmhla ris an t-sluagh; is cha 'n fhaicteadh ach glé annamh lasgairean le 'n eallaich a' tighinn á coille chaoil, no beinn an fhraoich, no coille chaman. Cha robh móran de eòlas aig an òigridh air na nithean so ach mar a bha iad ag ealainnt o 'n t-seanair, a bha mar shlabhraidh a' dèanamh comh-cheangail eadar an t-seann linn 's an linn ùr; is cha robh tigh 'san robh sean fhear no sean bhean nach biodhteadh aig aman sònraichte toirt oidhirp air na sean chleachdainnean a chumail air chuimhne 'san t-seann dòigh. Ach cha robh an dòigh sin ach a' leigeil fhaicinn gu 'n robh na cleachdainnean ionann 's mar an linn do 'm buineadh: anns na h-ospagan mu dheireadh. Cha robh tigh 'san Ros a rinn spàirn cho cruaidh air an t-seann dòigh a chumail suas ri Tigh-an-loch; agus b'iomadh Caluinn shunndach, agus bòrd brèagha a chunnachas ann ri latha.

Thachair sin air an Nollaig air am bheil an t-iomradh so. Bha bean-an-tighe 's a cuid nighean, fad an latha, cur mu réir air son "bòrd na Caluinne." Chaidh a' chlàiridh thoirt a nuas, agus bòrd a chur ri ceann bùird fad an tighe, 's iad a' dìosganaich fo 'n cuallach.

Mar bu shine bha an oidhche fàs, 's ann, mar an ceudna, bu shunndaiche bha i a' fàs. Bha paidhir an dràsd 's a rithis a' tighinn a stigh a chur seachad na Caluinne 's a thoirt a stigh na Nollaige an Tigh-an-Loch, 's a' guidhe "Nollaig chridheil agus Bliadhna mhath ùr" nuair thigeadh i, do na bha rompa; agus gu seachd sònruichte do 'n t-seanair a bha 'na shuidhe an ceann aghairt na leapa a' feitheamh 's ag éisdeachd gu sàmhach. Bu chuimhne leis-san còrr agus ceithir fichead Nollaig agus Caluinn; agus cha robh uair a thigeadh an t-àm sònruichte so mu'n cuairt nach tigeadh làithean òige, le 'n cuid gineal, gu soilleir m'a choinneamh.

Ach chaidh gnog thoirt air an uinneig agus chualas caochlaid nam balach a' gabhail rannan Caluinne:

"A' Chaluinn so, a' chaluinn so!
Bhì bhoiceann, buail an craiceann;
Cailleach 'sa chill, cailleach 'sa chùil,
Cailleach eile taobh an teinidh,
'S bior 'na goll 's i air chrith;
A' Chaluinn so!"

A réir an t-seana chleachdainn, bha bean-an-tighe an geall air Bonnach-Caluinn an t-aon a thoirt do na balachain; 's cha bu luaithe gheibheadh iad sud na thàireadh iad as gus an ath thigh.

Ach cha b'fhada air falbh iad na thàinig an ath bhuidheann, 's a chualas an ath rann, le gaoir-chath mar eas-aibhne:

"A bhean bheusach, bhanail,
Bi gu h-ullamh, ealamh;
Chaidh a' bhliadhna so tharainn
Direach mar bu mhath leinn:
'S bho'n tha thusa maireann,
Beir an làthair ann an cabhaig
Pàirt de na dh'fhàg i agad.
'S iomadh duine còir
A tha 'n diugh fo 'n fhòid,
A bha 'n uiridh beò
Ag itheadh 's ag òl
'Nan suidhe mu 'n bhòrd;
'S bho'n tha thusa slàn,
'S gu'n do sheachainn thu 'm bàs,
Leig fhaicinn do thaing
Le aran 's le càis
Is botul no dhà
De 'n stuth is fheàrr
Na bainne o 'n àil;
A' Chaluinn so!"

Gheibheadh iad sud an riarachadh mar a fhuair càch; agus dh'fhalbhadh iad gu toilichte.

Thòisich an sin a' Chaluinn. Lasadh na coinnlean; 's bha 'n tigh gu dreòsach, boillsgeach, sunndach. Shuidh a' chuideachd mu 'n bhòrd 's thòisich deochannan-slàinte 's bearradaireachd 's òrain gus an d'thàinig a' bhliadhn' ùr a stigh, nuair chuir iad fàilte chridheil air a chéile.

"Theid mi fhìn 's tu fhéin 'nar cinn-stuic air an tràigh iomainich am màireach, a Dhùghaill," arsa fear de na gillean a bha a shùil am Mòir bhig, té de nigheanan an tighe.

"Tha mi toileach," arsa Dùghall, "agus nuas e 'm maide-brochain fiach có 'd air an tig a' cheud ghlaodh."

Ghàir a' chuideachd nuair thòisich na gillean air dòrn air an dòrn feuch co d'aige bhiodh an dòrn mu dheireadh de 'n mhaide-bhrochain. Thàinig e air Dùghall; 's nuair a chuir e trì uairean mu 'n cuairt a chinn e, ghlaodh e: "Buileam ort." "Leigidh mi leat," ars am fear eile. "Bithidh Mòr bheag agam," ars esan. Rinn na bha stigh glag mór gàire nuair chual iad mar thàinig an car á leannan Mòir bhig.

"An dà," arsa bean an tighe, 's i 'na boireannach gleusda, geur, sgaiteach, " 's tric a thug bòrd Nollaige bòrd bainnse mu 'n cuairt. Ach ma 's 'beag' duit i, cha 'mhór' leat i."

Ghàir a' chuideachd gu cridheil, 's cha robh gàire a stigh a b'àirde na gàire Dhùghall fhéin. Bha 'n seann duine gu sàmhach, tosdach ag éisdeachd ri briathran geur a nighinn fhéin. Cha robh a h-aon fo sparran an tighe a thuig: ma bha dara taobh lànain a dhìth air Dùghall gu 'm feumadh e dol le thuaigh do choille air choireiginn eile. Cha do ghabh Dùghall leis a sin miapadh 'sam bith. Chuir e mu 'n cuairt a bhotul gu suilbhir le dranndan sunndach òrain:

"Tha 'm botul so réidh,
'S fear eile 'na dhéigh;
'S cha mhaireann mi fhéin
Mur a h-òl sinn é.
'S e gillean mo rùin
A thogadh mo shunnd;
'S e là na bliadhn' ùir
Thug sòlas dhomh;
'S e gillean mo rùin
A thogadh mo shunnd."

Rug a chuideachd air làmhan air a chéile mu 'n cuairt a' bhùird is thog iad am fonn gu togarrach.

"'S math tha cuimhn' aig an t-seann duine air an latha chaidh an t-òran ud a dhèanamh," arsa Dùghall.

Cha do mhothaich iad na deòir mhóra, chruinne bha sruthadh ri gruaidhean an t-seann duine leis an tiomadh a thug an t-òran air. Thug iad làithean eile 'na chuimhne, agus, mar an ceudna, càirdean gaolach leis an do chaith e iomadh Nollaig shunndach, ach a bha nis 'nan dachaidh bhuain o chionn iomadh bliadhna.

Ars an seann duine 's e bruidhinn; "Cha deach Caluinn thar mo chinn bho 'n a bha mi 'm bhalach nach cuimhnich mi air a' cheart Chaluinn a rinn m'athair féin an t-òran a ghabh thu, Dùghaill. Bha sinn gu sunndach aig bòrd na Caluinne nuair a chunnacas dithis shaighdearan, le 'n còtaichean dearga, dol seachad an uinneag. Thàinig iad a stigh, agus, có bh' ann ach mo dhà bhràthair air tighinn air fòrlach as an arm; agus O! b'e sud a' chòmhdail chridheil a bha rompa aig am pàrantan caomha."

Lìon gach sùil a bha stigh agus chaidh a' chuideachd greis fo phràmh a' cuimhneachadh air an aimsir a dh'fhalbh. An sin dh'iarr iad sgeul o'n t-seanair. Dh' aontaich esan; is dh' eisd iad ris, am feach a bha e 'g innseadh sgeòil air an linn a bh' ann mu 'n d' "thug a chaora 'n soc as an talamh," 's mu 'n deach "coilear geal mu mhuineal an Rois"; nuair a bha na glinn air an àiteachadh, is smùid as gach tobhta bha 'n diugh gun cheann; 's nuair a bha àl na dùthcha a' dèanamh euchd le 'n airm air machraichean na h-Eorpa...

Earran air a thogail bhon ùr-sgeul:

"Gu'n d'Thug I Spéis do 'n Àrmunn"
Sgeul le Iain Mac Cormaig
fo làimh Chalum Mhic Phàrlain