Mo Nighean Donn Faill óro hug óro, faill óro hug éile, Faill ill ó agus óro hug éile, Mo nighean donn nam blàth-shùil Gur cràiteach ad dhéidh mi. 'S bòidhche leam a dh'fhàs thu na blàth-lus an t-sléibhe, An ùr-mhaise àilleachd air blàr anns a' chéitein, No ròsan a' ghàrraidh fo dheàrrsadh na gréine. A ribhinn ghlan nam blàth-shùil thug bàrr le snas air ceudan, Shìnin féin mo làmh dhuit ged bhithinn 'sa chàs' nam éiginn, Gu cinnteach thug mi gràdh dhuit gu là mo bhàis nach tréig mi. B' òg a rinn sinn mànran troimh'n fhàsach le chéile, 'S ged thaobhainn-sa gach àite fo àrdaibh na speuran O bhean do mhaise' Mhàiri ri m' mhaireann cha léir dhomh. Do ghuth tha leam cho ceòlmhor ri smeòrach a' Chéitein, An tùs grinn na h-òige 's ann shònruich mi fhéin thu, A nighean dhonn an òr-fhuilt, 'measg òighean 's tu'n reula. B'olc a rinn na càirdean; cha d' aithnich iad mo cheud-ghràdh. Snàmhaidh 'n lach mar 's àill leatha 's ni a' ghaillionn séideadh, 'Sa nighean dhonn nam blàth-shùil, gun dàil bitheam réidh ruit.