Mo Nighean Chruinn Donn Dh'fhalbh mo nighean chruinn donn Uam don Iùraidh Dh'fhalbh mo nighean chruinn donn Cneas mar eal' air bhàrr thonn; Och is och! mo nighean donn, Dh'fhàg mì-shunnd orm. 'S truagh nach robh mi 's mo ghaol Ann an gleann cùbhraidh; 'S truagh nach robh mi 's mo ghaol Ri uisg' ann 's ri gaoith, 'S fo shileadh nan craobh Bhitheamaid sùnndach. Ged tha thusa an dràsd Ann an gleann Iùraidh; Ged tha thus' ann an tàmh, Tha t'aigne fo phràmh, Agus mise gun stàth, Le do ghràdh ciùrrta. Beir mo shoraidh le gràdh Uam do'n Iùraidh; Beir mo shoraidh le gràdh Dh'fhios na h-òigh rinn mo chràdh; 'S o nach maith leath' mar tha, Tha i féin tùrsach.