Mo Nighean Donn Bhòidheach Ho-ró, mo nighean donn bhòidheach, Hi-rí, mo nighean donn bhòidheach, Mo chaileag laghach, bhòidheach, Cha phòsainn ach thu. A Pheigi dhonn nam blàth-shùil Gur trom a thug mi gràdh dhuit: Tha t'iomhaigh ghaoil 'us t'ailleachd A ghnàth tigh'nn fo m'ùidh. Cha cheil mi air an t-saoghal Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort; 'S ged chaidh mi uait air faondradh, Cha chaochail mo rùn. 'N uair bha mi ann ad làthair, Bu shona bha mo làithean A' sealbhachadh do mhànrain 'Us àille do ghnùis. Gnùis aoidheil, bhanail, mhàlda Na h-òigh a's caoimhe nàdur; I suairce, ceanail, bàigheil, Làn gràis agus mùirn. Ach riamh o'n dh'fhàg mi t'fhianuis Gu bheil mi brònach, cianail; Mo chridhe trom 'ga phianadh Le iarguin do rùin. 'S ann tha mo rùn 's na beanntaibh Far bheil mo righinn ghreannar Mar ròs am fàsach shamhraidh An gleann fad' o shùil. Ach 'n uair a thig an samhradh Bheir mise sgrìob do'n ghleann ud 'S gu'n tog mi leam do'n Ghalldachd Gu h-annsail, am flùr.