"Ann an 1903, dh'atharraich Comhairle Baile Seattle gnùis a' bhaile gu suthainn sìorraidh nuair a dh'iarr iad air Bràithrean Olmsted, companaidh ailtearachd à Brookline, Massachusetts, sgeama farsaing a dhealbhadh airson pàircean a' bhaile-mhór."
[www.historylink.org]
"Gu suthainn sìorraidh" -- 's dòcha gu bheil an labhairt seo a' dol beagan thar na fìrinne; ach co-dhiubh is i an fhìrinn gu bheil siostam againn an Seattle de phàircean agus de ghàraidhean-chluich a tha na chuis-farmad le mòran bailtean eile.
Is iad na Bràithrean Olmsted a dhealbh a chuid is motha de na pàircean ann an Seattle. Thug iad air adhart plana ann an 1903 airson fichead mìle de phàircean agus de rathaidean-phàirce air taobh siar Lake Washington agus tron bhaile eadar an loch agus Puget Sound. Bho 1903 gus 1937 dhealbh iad 37 pàircean agus gàraidhean-chluich, agus a bharrachd air seo b'iad na prìomh-dhealbhaichean airson Faidhir Eadar-naiseanta Alaska-Yukon-Pacific a ghabh àite ann an Seattle ceud bliadhna air ais, sa bhliadhna 1909. Ri tìde bhitheadh Oilthigh Washington suidhichte anns an làrach sin, agus is ann do na h-Olmsteds a bu chòir do na h-oileanaich is luchd-teagaisg, taing a thoirt airson Rainier Vista agus Frosh Pond agus Washington Park (far a' bheil an Arboretum) agus seallaidhean bòidhce eile.
Rugadh Frederic Law Olmsted (a bu shine) ann an 1822 agus thogadh e ann an Connecticut le 'athair; fhuair a mhàthair bàs nuair nach robh Frederic ach 4 bliadhna a dh'aois. Thogadh an t-òganach a bhith smaoineachail air bòichcheadan nàdair, leis na cuairtean trice a thug 'athair comhla ris an teaghlach, a' sìreadh "seallaidhean bòidhche" sna sgìrean dùthchaile an Ear-thuath.
Rinn Frederic turas fad bliadhna ann am malairt Siona (the "China Trade") agus thug e cuairt-choiseachd fad leth-bhliadhna san Roinn Eòrpa agus Breatainn. Ron Cogadh eadar na Stàitean thug e dhà thuras air feadh nan Stàitean Deasa mar neach-aithisg airson an New York Times. Duine a linne fhéin a bh'ann, fo bhuaidh inntinnean agus dealbh-inntinnean soillsichte an 19mh linn eadar poblachd is democrasaidh, saorsa do na sglabhaichean, tùr is mothachas sna h-ealain agus an eòlaidheachd; sna faclan aige fhéin, sìobhaltas an àite brùidealachd.
Ann an 1857 fhuair Olmsted suidheachadh mar neach-stiùiridh Central Park sa bhaile New York. An ath-bhliadhna choisinn esan, comhla ris an ailtire Calvert Vaux, co-fharpais gus leasachadh a' phàirc a dhealbhadh. B'e an dealbhadh seo de Central Park a thug iomraiteas don chompanaidh ailtearachd a steidhich Olmsted agus Vaux. Cha b'e a-mhàin gun do steidhich iad companaidh ailtearachd; chruthaich iad an dreuchd nua de "dh'ailtearachd-tìre" (landscape architecture sa Bheurla) agus lean Olmsted agus a chompanaidh air adhart gus ceudan de phàircean agus àiteachan poblach a dhealbhadh.
Thug Olmsted 'uchd-mhac John Charles agus a mhac Frederic Law (a b'òige) a-steach anns a' chompanaidh, agus an deidh dha dhreuchd a leigeil seachad, lean John Charles agus Frederic Law Jr air an adhart. Fhuair a' chompanaidh cliù mar "Olmsted Brothers" suas gu 1950.
Am measg pròiseactan iomraiteach na h-Olmsteds tha: Central Park agus Prospect Park, baile New York; Parc Mont Royale, Montréal; Martin Luther King Drive, Chicago; campus Oilthigh Stanford; pàircean an Seattle agus Spokane; Portland, OR agus Portland, ME; Faidhir Eadar-naiseanta Chicago (1893) agus Seattle (1909); agus ceudan eile.
Bha feallsanachd neartmhor aig Olmsted a bu shine agus a mhic; thug sin buaidh mhór air an dreuchd gu lèir, ailtearachd, dealbhadh poblach, gu sonraichte "ailtearachd-tìre." Bha na h-Olmsteds a créidsinn gu bheil àiteachan poblach nàdarrach agus boidheach glé chudromach airson slàinte a' phobaill. Chréideadh iad gur anns na pàircean agus na h-àiteachan poblach a bhitheadh spiorad a' phobaill ga altramachadh agus ga ath-bheothachadh.