João da Cruz e Sousa -- Bàrd Braisileach 1861-1898

Thachair gun robh mise air loidhne fichead bliadhna ‘s a bharrachd air ais, tràth ann an “linn an Eadarlìon,” a’ leughadh diofair liostaichean-dealain Usenet, agus nam measg, liosta Portagaileis; agus thachair mi air dàn àiridh, sonnet snog a bh’ ann, dàn a chòrd rium glan, le bàrd Braisileach João da Cruz e Sousa.

B’e duine dubh e, mac sglabhaichean saoraichte; gille glic a bh’ann, agus fhuair e deagh fhoghluim bhon duine a shaoraich a phàrantan. Lean Cruz e Sousa dreuchd an fhir-naidheachd, agus sgrìobh e uimhir de leabhraichean roisg is bàrdachd. B’esan a’ chiad duine dubh Braisileach a fhuair cliù mar sgríobhaiche agus duine litreachais. Sgríobh e a’ mhòr-chuid de a bhàrdachd san stoidhle samhlachais, a’ leantainn nòs Baudelaire agus nam bàrd Frangaise eile den Sgoil Shamhlachais (French Symbolist poets.)

Sa bhliadhna 1893 phòs e Gavita Gonçalves; rugadh ceathrar mac dhaibh ach fhuair iad uile bàs an-abaich leis a' chaitheimh. Chaidh a' bhean Gavita as a ciall le dòlas. Ann an 1898 aig an aois òg 37 fhuair Cruz e Sousa fhéin bàs leis a' chaitheimh.

An rud a chuir nam inntinn an dàn seo a-nis, ‘s e gun d’fhuair deagh charaid agam bàs o chionn seachdain no dhà; caraid a bha na mhisionaraidh-lighiche ann am Braisil. Nuair thachair mi air an dàn fada air ais, sheall mi do mo charaid e agus chuir sinn seachad àm tlachdmhor a’ cnuasachadh air, agus air na tha e a’ ciallachadh. Is e cuspair a’ dhàin, am bàs agus mar bu chòir dhuinn an aodann a chur ris; agus ‘s ann air sgàth bàs mo charaid a smaoinich mi air an dàn a-rithist.

Rinn mi eadar-theangachadh dhe; chan urrainn dhomh ràdh gu bheil e letheach-rathad cho math ris an dàn fhéin, agus gu dearbh cha do rinn mi e ann an nòs “sonnet” -- bhitheadh sin fada thairis air na tha mise comasach ris -- ach co-dhiubh, bu mhath leam e a thoirt dhaibh an-seo, còmhla ris an dàn bho thùs anns a’ Phortagaileis ged ‘s dòcha nach bi mòran dhibh ga leughadh. (Ach ma’s urrainn, chì sibh mar nach do chum mi na còrach ris air chor air bith.)

"...An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh, O Thighearna." -- Ieremiah 11:5

taibhs’

-----------------------------------


Assim Seja

Fecha os olhos e morre calmamente!
Morre sereno do dever cumprido!
Nem o mais leve, nem um só gemido
Traia, sequer, o teu sentir latente.

Morre com a alma leal, clarividente
Da crença, errando no vergel florido
E o pensamento pelos ceus brandido
Como um gladio soberbo e refulgente.

Vai abrindo sacrario por sacrario,
Do teu sonho no templo imaginario,
Na hora glacial da negra morte imensa...

Morre com teu dever! Na alta confiança
De quem triunfou e sabe que descansa
Desdenhando de toda recompensa.

-João da Cruz e Sousa


Amhlaidh Biodh

Dùin do shùilean ‘s gum faigh thu bàs suaimhneach!
Gum faigh thu bàs sàmhach ‘s do shaothair coilionta!
Na tog a-rithist, ‘s na trèigeadh fiù’s osna,
Eadhon, do spiorad a tha ’falbh uat.

Faigh bàs le anam dìleas, glan-fhradharcach
A’ chreideimh, ‘s tu ‘coiseachd sa gharradh fo bhlàth
Agus d’aigne a’ sgoltadh nan speuran
Mar chlaidheimh òirdheirc dhealraich.

Lean ort a’ fosgladh naomh-dhìon an dèidh naomh-dhìon
Nad aisling ann an teampall do mhic-meanmna
San uair fhuair a’ bhàis dhuirche aibhsiche...

Faigh bàs le do dhleasdanas! Ann an àrd-chinnteachd
An fhir a thug buaidh ‘s tha beachd aige air a thàmh
Gun spéis aige ann an dìolachd.