Co-fharpais Eadar-Naiseanta Feusagan agus Staisean
Bidh an Co-fharpais Eadar-Naiseanta Feusagan agus Staisean a' gabhail àite ann an Anchorage, Alaska, 23 An Céitean, 2009. Is e seo an dara co-fharpais F & S a bhith suidhichte anns na Stàitean Aonaichte; bha e ann an Carson City, Nevada sa bhliadhna 2003. Bha co-fharpaisean roimhe anns an Ghearmailt ('90, '95); Nirribhidh '97; An t-Suain '99; an Gearmailt '01; Carson City '03; Berlin '05; agus Brighton, Sasainn '07.
*
*
*
*
Ann am Brighton an-uiridh bha 17 roinnean anns a' cho-fharpais, eadar roinnean staise agus roinnean feusaige.
(*tha na dealbhan seo cleachte le cead Andy Barker a thog iad)
Sgioba Feusaige USA
Thàinig miann air Phil Olsen, fear à Nevada, sgioba a chur air chois anns na Stàitean Aonaichte nuair bha e an làthair aig a' cho-fharpais Ystad, An t-Suain, '99, an déidh dha mothachadh gun robh na co-fharpaisean an comhnaidh fo cheannas nan Gearmailteach. B'e Phil a chuir air bonn an co-fharpais '03 a ghabh àite ann an Carson City. Anns a' cho-fharpais mu dheireadh ann am Brighton an-uiridh, bhuain an Sgioba USA coig ceud-phrìsean.

Lùnasdal 2008 - Atharrachadh
Tha mi a' dol gu Montréal agus Alba Nuadh, agus bho nach eil mi ag iarraidh gum bi Tèarainteachd Dhùthchasach gam ghlacadh mar neach-fuathais nuair bhitheas me tilleadh thar na crìoch, tha mi créidsinn nach bi mi a' dol dhan cho-fharpais ann an Alaska. Feuch na dealbhan seo "Roimhe" agus "Às déidh":