Dewi Sant
Is e Dewi Sant an t-ainm a chuirear air a' phrìomh naomh Cuimreach, Naomh Daibhidh. Bithidh na Cuimrich a' cumail an latha aige, Dydd Dewi Sant, air a' cheud latha den Mhàrt. Bithidh iad ag ràdh gur e Sant athair Dewi, agus mar sin chuirear "Dewi Sant" air.
Thàinig a' chuid is motha de na tha de fhios againn air, bho Buchedd Dewi (Beatha Dhaibhidh), leabhar a sgrìobh Rhigyfarch anns a' cheud linn deug, agus leabhar eile le Gerallt Gymro (Giraldus Cambrensis) bhon dara linn deug. Fhuair Dewi Sant bàs anns an t-6mh linn agus mar sin chan eil mòran fhiosrachaidh ann air am bheil sinn gu buileach cinnteach; co-dhiubh tha pailteas beul-aithris ann.
Is i Non màthair Dewi; thatar ag ràdh gun do rugadh e faisg air Capel Non (Cill Noin) san iar-dheas Chuimrigh, nach fhada o Bhaile Naoimh Dhaibhidh, agus gun d'fhuair e 'fholuim aig manachainn Mynyw, no Hen Fynyw (hen = sean) bho mhanach dall Paulinus. As dèidh sin rinn Dewi cuairtean air feadh Chuimrigh a' teagaisg agus a' stèidheachadh eaglaisean agus manachainnean, agus rinn e eilthireachd eadhon cho fada ri Ièrusalem. Stéidhich e manachainn Glyn Rhosyn (Gleann Ròis) ri taobh na h-abhainne Alun, far am bheil Eaglais Naoimh Dhaibhidh agus Baile Naoimh Dhaibhidh suidhichte an-diugh.
Bha teagasg agus teachdaireachd Dewi Sant ainmeil air feadh na dùthcha. Mhol e coibhneas, aoigheachd, agus beatha simplidh; cha do dh'òl e ach uisge ghlan, cha do dh'ith e ach glasraich le aran agus salann. Is ann mar sin, is dòcha, gur e an creamh-gàrraidh suicheantas Chuimrigh. A rèir riaghailt mhanachail Dewi, bu choir do na manaich obrachadh gu cruaidh agus eadhon an crann a tharraing iad fhéin airson na talmhainn a threabhadh.
Tha sgeul mìorbhaileach iomraiteach ann mu a dheidhinn: uair a bh'ann, bha Dewi a bruidhinn ri sluagh mór. Nuair a thòisich cuid dhiubh air gearan nach b'urrainn dhaibh an naomh a fhaicinn no a chluinntinn, dh'èirigh an tàlamh fo a chasan gus an robh e shuas ann an sealladh an t-sluaigh agus chuala iad uile e gu soilleir.
Thatar ag ràdh gun d'fhuair e bàs air a' cheud latha den Mhàrt anns a' bhliadhna 589. Am measg nam facal mu dheireadh aige, thuirt e "Bithibh àghmhor, cumaibh ur creideamh. Dèanaibh na rudan beaga, na rudan a chunnaic sibh agus a chuala sibh gun d'rinn mise." Tha seanfhacal ann gus an-diugh fhéin a's aithne do a h-uile duine, "Gwnewch y pethau bychain mewn bywyd" (Dèan na rudan beaga anns a' bheatha.)
taibhs'