Air an ceann-latha 7 an Dùdlachd 1941 thug am feachd-adhair Seapanach ionnsaigh gun dùil ris, air a' ghearasdan, air na luing, agus air na pleanaichean de Phearl Harbor, Hawai'i. Thàinig na Stàitean Aonaichte a-steach anns an dara Cogadh Mór bhon àm sin. Bhris na Seapanaich a-mach gu h-obann air feadh a' Chuain Sèimhe agus leis an aireamh de luing agus pleanaichean a bha air call anns a' cheud ionnsaigh sin, bha e coltach nach b'urrainn do dh'Ameireaga stad a chur orra gus am bitheadh an cuan air fad fo smachd an fheachd Seapanaich, agus iad a' bagairt air an dùthaich Ameireaganach fhéin.
Bha Cogadh a' Chuain Sèimhe fada agus searbh. Bha an t-Seapan air ullachadh math a dhèanamh agus an toiseach bha iad glé dhàna agus glé dhòchasach gum bitheadh iad, comhla ris na Gearmailtich 's na h-Eadailtich, a toirt buaidh air an t-saoghal gu léir. Ach beag air bheag, eilean ri eilean, thòisich na h-Ameireaganaich air an talamh a choisinn air ais.
B'e aon de na trioblaidean as miosa don fheachd Ameireaganach nach robh conaltradh tèarainte aca airson teachdaireachdan dìomhair a chur eadar diofar sgiobaichean anns a' chòmhraig. Bha pailteas Seapanaich ann aig an robh deagh Bheurla, agus iad air a bhith nan oileanaich anns na Stàitean no ann am Breatainn, agus cuideachd bha cryptographers ealanta nam measg. Gu bhith cho luath agus a dheasaicheadh na h-Ameireaganaich còd nùadh bhitheadh na Seapanaich ga bhriseadh.
Bha fear ann an California aig an àm sin, Philip Johnston, a bha eòlach air an teanga Navajo; bha a phàrantan nam missionaries do na Navajos agus rugadh is thogadh e anns an reservation. Bha esan den bheachd gum bitheadh an teanga Navajo feumail airson conaltraidh thèarainte a chionn 's gu bheil i cho casta agus doirbh, agus bha i neo-aithnichte taobh a-muigh an reservation fhéin. Mhol e an smaoin seo don General Clayton B. Vogel, U.S. Marines, tràth sa bhliadhna 1942. Dh'aontaich an general ri proiseacht-dheuchainn; shoirbhich an dearbhadh seo gu math, agus chuir iad air bonn am prògram "Code Talkers" gu luath.
Dhealbhaich iad faclair de dh'abairtean sònraichte mar "tank, fighter plane, battleship" agus mar sin air adhart, agus iad a' cleachdadh faclan Navajo air an son. Mar eisimpleir bha an tank na "ch'ééh digháhi," is e sin "seilche, turtur"; bha am battleship na "lóó'tsoh" -- is e sin "iasg mór." A bharrachd air sin b'urrainn dhaibh facal Beurla sam bith a litreachadh le còd simpli: dh'òrdaich iad dhà no trì faclan Beurla do gach litir, faclan a tha a' tòiseachadh leis an litir sin, m.e. "ant, apple, axe" don litir 'A'. Dh'aontaich na codetalkers air na faclan san teanga Navajo, m.e. "ant" = "wóláchíí", "apple" = "bilasáana." Mar sin b'urrainn do na codetalkers abairt sam bith a radh gun eagal nach bhitheadh an namhaid gan tuigsinn. Cha b'urrainn do a' chuid as motha dhiubh an teanga a leughadh no a sgrìobhadh. Dh'fheumadh iad am faclair agus an còd a ionnsachadh gu léir; b'e sin nas fheàrr co-dhiubh airson luathais agus tèarainteachd.
An toiseach cha robh mòran earbsa aig na h-oifigearan anns an sgeama seo, ach bha e dearbhte uair seach uair agus cha robh e fada gus an do mheas iad gun robh na Navajos buileach riatanach anns a' chòmhraig. Thuirt fear dhiubh an dèidh cath Iwo Jima, "mura robh na Navajos againn cha b'urrainn dhuinn Iwo Jima a ghabhail."
Cha do bhris na Seapanaich an còd seo a-riamh. Ghabh iad aon shaighdear Navajo ann am Bataan agus dh'òrdaich iad air an truaghan seo gun dèan e eadar-theangachadh de diofair teachdaireachdan a fhuair iad, ach cha b'urrainn dha; cha robh ciall sam bith anns na faclan a chuala e a chionn 's gun robh iad ann an còd. Nan robh barrachd foighidinne aig na Seapanaich, 's mura robh iad cho dian air a bhith ga chràdhadh, 's dòcha gum b'urrainn do na cryptographers an còd a bhriseadh gu furasda le cuideachadh a' phrìosanaich Navajo. Ach cha do thachair sin.
Gu mì-fhòrtanach cha d'fhuair na codetalkers iomraiteachd no aithneachd an déidh a' chogaidh; bha am prògram gléidhte fo sgàil dìomhaireachd. Mu dheireadh thall anns a' bhliadhna 1992 fhuair iad urram agus aithneachd ann an seirbheis aig a' Phentagon, ged a bha cuid mhath dhiubh air bàs a fhaighinn roimh seo. Tha leabhar poibleach no dhà ann a-nis mu na Code Talkers, agus thàinig am film "The Windtalkers" a-mach an 2002. A réir coltas chan eil am film seo làn fìrinne; agus cha do ghabh na codetalkers fhéin àite mhór ann. An diugh co-dhiubh tha fhios aig móran daoine gun do chluich na Navajo Code Talkers pàirt chudthromach anns a' Chogadh.
taibhs'