Rugadh cat anns an taigh againn anns a' bhliadhna 1987. Fhuair e bàs an-uiridh. Bha e naoi bliadhna deug a dh'aois. Bha spèis mhòr againn air agus bha sinn tùrsach nuair a bhàsaich e.
Fhuair sinn cat nuadh bho Fhasgadh Ainmhidhean Shiàtail (Seattle Animal Shelter) am bliadhna, anns an Òg-mhios. Bha i mu thrì bliadhna a dh'aois aig an àm sin. Ged a tha i dall, tha i a' ruith tron taigh againn. Tha fhios aice càit a' bheil gach cathair agus gach bòrd anns an taigh.
Fhuair sinn cat eile bho Fh.A.S. anns an Iuchar. Bha i sia seachdainean a dh'aois aig an àm sin. An toiseach bha iad a' trod ri chèile ach a-nis tha iad a' cluich agus a' cadal le chèile, agus a' glanadh càch a chèile.
Chuir sinn an t-ainm "Zato Neko" air a' chat dall. Tha sin a' ciallachadh "Cat Dall" anns an t-Seapanais. Chuir sinn an t-ainm "Púca" air a' chat eile. 'S e taibhse Éireannach a tha anns a' phúca. Uaireannan tha sinn a' sgrìobhadh "Pwca" an àite "Púca." 'S e taibhse Chuimreach a tha anns a' phwca. Tha am púca, no pwca, mi-mhodhail ach cairdeil, dìreach mar a tha am Púca againne.
Is dòcha gu bheil thu eòlach air púca ainmeil "Harvey." Is esan deagh charaid aig Jimmy Stewart anns an fhilm "Harvey." 'Se rabaid bhàn a th'ann agus tha e sia troighean a dh'àirde. Is urrainn do Jimmy Stewart Harvey a fhaicinn ach chan urrainn do chàch.
taibhs'