An "Triantan-Losgaidh"
Nuair a bha an naoidheamh linn deug a' tighinn gu crìoch chuir
Riaghaltas na Stàitean Aonaichte pròiseict air bonn, na h-oirthirean a
dhìonadh an aghaidh luing-chogaidh nàimhdeil, le bhith togail dùin le
gunnachan móra anns na h-àiteachan cudthromach.
Thogadh trì dùin aig na trì ceàrnaidhean den triantan eadar Port
Townsend, Eilean Marrowstone, agus Admiralty Head anns an Eilean
Whidbey. Tha na trì dùin seo suidhichte an sealladh a' chaolais
Admiralty Inlet, air a chuirear "dorus Puget Sound." Is iad Dùn
Worden ann am Port Townsend, Dùn Flagler anns an Eilean Marrowstone,
agus Dùn Casey anns an Eilean Whidbey. Ma bhitheas long nàimhdeil ag
iarraidh ionnsaigh a dhèanamh anns an sgìre Seattle-Tacoma no an
aghaidh a' ghàraidh-luing ann am Bremerton, dh'fheumadh i Admiralty
Inlet a chleachdadh. Bhitheadh an long fo losgadh nan gunnachan móra
anns na trì dùin seo. Co-dhiubh b'e sin dealbh-inntinn an Riaghaltais
aig an àm ud.
Chuireadh an t-ainm "An Triantan-Losgaidh" no "Triantan an Teine"
("The Triangle of Fire" anns a' Bheurla) air an triantan seo. Bha
far-ainm eile air: "Triantan a' Bhàis."
Is ann eadar 1897 agus 1911 a thogadh na dùin; ach an seòrsa sin de
gunnachan móra, bunaichte air tìr, chaidh iad as cleachdadh gu bhith
cho luath 's a bha iad air an cur ann an gnìomh. Cha do losg iad balla
air namhaid sam bith nuair bha iad ann. Chaidh cuid mhath de na
gunnachan gu Eorpa anns a' Cheud Chogadh Mhór, far an robh iad air an
cur air càraichean rathaid-iarainn mar gunnachan so-gluaiste.
An diugh tha na trì dùin a' buntainn do Roinn nam Pàircean agus
Cleasachd [Parks & Recreation] den Stàit Washington. Is urrainn do
bhuidhnean bheaga no móra, na togalaichean a ghabhail air mhàl airson
tachartasan sònraichte no dìreach airson latha no dhà air socair.
Bithidh na Boy Scouts a' campadh gu tric aig Dùn Casey anns an Eilean
Whidbey. Tha camping aig Dùn Flagler agus Dùn Worden cuideachd. Is
aithne do bhallrachd Slighe nan Gaidheal Dùn Worden, oir is e làrach
Fèis Shìatail bho 2002. Is e "pàirc camping" a tha ann an Dùn Casey;
ach cha robh mi-fhín ann riamh, agus chan eil mi glé eòlach air. Is
math leam Dùn Flagler; chan eil e cho leasaichte ris an dà dhùin eile,
agus bithidh cothrom agad a bhith coiseachd air do shocair anns na
coilltean agus air an tràigh.
Co-dhiubh is math gun deach "Triantan a' Bhàis" à sealladh. An
latha an diugh b'urrainn dhuinn "Triantan an Àigh" a chur air.
taibhs'