Eòin Ghlice
Anns a cheud dol a-mach feumaidh mi ràdh nach eil mi a' sgrìobhadh air eòin ghlice a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig!** Is e mo chuspair na h-eòin a tha comhdaichte le itean.
**tha sgioba luchd-ionnsachaidh "Eòin Ghlice" againne
A-nis, nuair a bhitheas mi ag ràdh "eun glic", is dòcha gu bheil thu a' smaoineachadh air pearraid, no iolair, no (ma tha thu glé eòlach air Benjamin Franklin) coileach-Francach allaidh [wild turkey]. Is math a dh'fhaoidte gu bheil thu eòlach air na h-Innsinnich den Oirthir Iar-thuath Ameireaga agus am meas a bha (agus a tha) aca air an fhitheach. Ach chan eil mi a' bruidhinn air na h-eòin seo idir; tha mi ag iarraidh beagan a ràdh air eun abhaisteach, cumanta, agus eun a tha pailt air feadh an t-saoghail. Is e eun gun mheas aig cuid againn, agus iad ag ràdh gu bheil e faramach, salach, millteach, sgriosach, luath air còmhstrì. Ach co-dhiubh tha cuid eile ag ràdh gu bheil e glic, eireachdail, agus inntinneach, agus is e sin an fhìrinn cuideachd. Is dòcha gun toir thu tuaiream a-nis, dé an t-eun air a bheil mi a' bruidhinn.
Co-dhiubh tha duilgheadas againn an-seo ann an Ameireaga leis na h-ainmean Gàidhlig air na creutairean. Chan eil fhios agam, an còir dhomh "starrag" a ràdh, no am b'fhearr dhomh "feannag" a chleachdadh. Is urrainn dhomh "starrag dhubh" no "feannag dhubh" a ràdh cuideachd. Ach anns an airtigeil seo their mi gu simpli "starrag". Tha mi cinnteach gu bheil deagh fhios agad air an eun dubh seo.
Tha e furasda fhaicinn gu bheil an starrag glic. Tha e a' faighinn biadh anns gach àite den dùthaich agus den bhaile mhór. Is urrainn dha pacaidean is bagaichean a fhosgladh gun duilgheadas. Tha e coltach nach eil eagal air an starraig roimh na daoine. Ach théid an sgeul mòran nas fhaide na sin. Ma bhitheas tu sgrudadh geur a dhèanamh air na starragan, gheibh thu a-mach gu bheil an inntinn aca ceart cho math agus an inntinn aig cuid de na mamail àrda [higher mammals]. Tha luchd-sgrudaidh ag ràdh gur urrainn do na starragan innealan [tools] a dhèanamh agus a chleachdadh. A bharrachd air seo, tha iad a' gleidheadh innealan ann an stòr airson àm ri teachd, agus tha iad ag atharrachadh na h-innealan airson obair shònraichte. Tha eanchainn mór aig an Starraig Ameireaganach; tha an co-mheas truime eanchainn-ri-corp [brain-to-body-weight ratio] coltach ris na priomhaidean [primates], ged nach eil an co-mheas sin gu buileach ceart ri cleachdadh a chionn is gu bheil corp na starraige nas aotroime airson itealaiche.
Is dòcha gur còir dhuinn tuilleadh meas a bhith againn air an starraig. Tha cultar co-oibreachach aige; tha e càiridichte [paired] fad na beatha; tha e soirbheasaich anns gach ceàrn den t-saoghail: anns an fhasach teth is tioram, anns na beanntan as àirde (na Himalayas), anns na coilltean tropiceach teth is fliuch, air an tundra fuar, agus anns gach àite den Chruinne-cé far am faigh thu ar sluagh fhéin.
Ma tha thu ag iarraidh tuilleadh eòlais a fhaighinn air a' chuspair seo, thoir sùil air leabhar no dhà a thàinig a-mach o chionn ghoirid, mar eisimpleir:
Marzluff agus Angell: "In the Company of Crows and Ravens" ISBN 0-300-10076-0
Savage: "Bird Brains; The Intelligence of Crows, Ravens, and Jays" ISBN 0871569566
taibhs'